Anam Communications offers public & private sector language training/tuition in the acclaimed Ùlpan method of teaching the Scottish Gaelic language. See below.
We also provide simultaneous translation services (Gaelic to English) at large and small meetings and events.
Past and Current Clients include:
Highlands & Islands Enterprise (Training)
Bòrd na Gàidhlig (Translation Services)
Highland Council (Translation & Training Services)
Scottish Natural Heritage (Training)
National Trust for Scotland (Training)
Gaelic Media Services (Translation Services)
Comunn na Gàidhlig (Translation & Training Services)
Bidh Anam Communications a' tabhann trèanadh ann an Gàidhlig don roinn phoblach is phrìbheideach san dòigh teagaisg Ùlpan. Faic gu h-ìosal.
Cuideachd, bidh sinn a' solarachadh sheirbheisean eadar-theangachaidh mar aon (Gàidhlig gu Beurla) aig coinneamhan is tachartasan mòra is beaga.
Feadhainn de cheannaichean leis am bheil sinn air a bhith an sàs:
Iomairt Na Gàidhealtachd (Trèanadh)
Bòrd na Gàidhlig (Seirbheisean Eadar-theangachaidh)
Comhairle na Gàidhealteachd (Seirbheisean Eadar-theangachaidh agus Trèanadh)
Dualachas Nàdarra Na h-Alba (Seirbheisean Trèanaidh)
Urras Nàiseanta na h-Alba (Seirbheisean Trèanaidh)
Seirbheisean nam Meadhanan Gàidhlig (Seirbheisean Eadar-theangachadh)
Comunn na Gàidhlig (Seirbheisean Eadar-theangachaidh agus Trèanadh)
For those who have not heard of it before, Ùlpan is a fast and effective way to learn a language. It has been used to great effect in Israel, where it originated, and in Wales, where Wlpan has brought thousands of adult learners to fluency in Welsh.
Ùlpan will bring several major benefits to Gaelic by
1. setting a standard of excellence for teaching and learning Gaelic
2. providing a fully-researched and tested course that takes learners to fluency
3. offering a system of tutor-training and accreditation to ensure teaching of the highest standard
4. establishing a national framework for learning the language
Many adult learners find that they can read and write Gaelic better than they can speak the language.
With Ùlpan, speaking comes first, and reading and writing follow a little later.
Students learn through repetition of key structures and through language activities, with the emphasis on using the language, rather than on more academic skills like grammar.
’S e dòigh luath is èifeachdach cànan ionnsachadh a th’ ann an Ùlpan. Tha e air a bhith air leth soirbheachail ann an Israel, far an do thòisich e, agus sa Chuimrigh, far an deach mìltean de dh’inbhich a thoirt gu fileantas sa Chuimris tro Wlpan.
Bheir Ùlpan bhuannachdan cudromach dhan Ghàidhlig le bhith:
1. A’ cur air bhonn inbhe àrd de mhathas a thaobh teagasg is ionnsachadh na Gàidhlig
2. A’ solar cùrsa a thèid a sgrùdadh is a dhearbhadh gus luchd-ionnsachaidh a thoirt do dh’fhileantas
3. A’ tairgse siostam trèanaidh do dh’oidean le teisteanas gus dèanamh cinnteach gum faighear teagasg aig an ìre as àirde
4. A’ stèidheachadh frèam nàiseanta gus an cànan ionnsachadh
Tha e nas fhasa airson a’ mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a leughadh is a sgrìobhadh seach a labhairt.
Leis an dòigh Ùlpan, ’s e labhairt an rud as cudromaiche, le leughadh is sgrìobhadh a’ tighinn beagan às dèidh làimhe.
Bidh na h-oileanaich ag ionnsachadh tro ath-aithris abairtean deatamach ’s tro ghnìomhan cànain, ’s ann a bhios an cudrom air Gàidhlig a chur gu feum, seach sgilean nas sgoilearaiche mar ghràmar.