CEANNAICHEAN

Seo feadhainn de cheannaichean a tha Anam Communications air a bhith an sàs leis...

HIE LOGO

Fo chumhnant "Indiprenure" le InG, rinn Brian obair cho-ordanachaidh tachartais 's proiseict, dealbh làrach-lìn 's manainsearachd do goNORTH, agus leasachadh luchd-ealain. Bidh Brian ag obair fhathast le Gnìomhachasan Cruthachail aig InaG air cumhnant neo-cheangailte.

 

 

 

Blas Logo

Bho chionn 2004, tha Brian air a bhith na Stiùiriche Ealain le Fèis Blas, fèis chiuil 's Ghàidhlig a ghabhas àite trath san t-Sultain air feadh na Gàidhealtachd.

 

 

Bidh Anam Communications a' tabhann seirbheis eadar-theangachaidh mar aon agus bidh Brian Ó hEadhra ag obair do Bhòrd na Gàidhlig gu tric a' toirt seachad an t-seirbheis seo.

Tha sinn cuideachd air seirbheis eadar-theangachaidh a thoirt do: Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, Bun-sgoil Ghàildhlig Inbhir Nis 's Ainmean-Àite na h-Alba.

 

 

 

Highland 2007 Logo

Gheibhear cùrsaichean trèanaidh ann an Gàidhlig bho Anam Communications. Tha na cùrsaichean seo sùbailte 's gan dealbhadh do gach buidheann 's cuideam ga chur air comas-làbhairt. Gabhaidh na cùrsaichean seo a thabhann ann an àite freagarrach dhuibh. Bidh sinn a' cleachdadh Ùlpan mar dhoigh theagaisg.

Tha sinn air trèanadh ann an Gàidhlig a thoirt do na buidhnean a leanas: A' Ghàidhealtachd 2007, Dualchas Nàdair na h-Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, Urras Nàiseanta na h-Alba.

 

SeanFhacal

"Chan fhiach cuirm gun a còmhradh."
"A feast is no use without good talk."

Read more